Gàidhlig - Uicipeid
Jump to content
O Uicipeid
Gàidhlig
Fuaimneachadh
[kaːlɪkʲ]
Far a bheil i 'ga bruidhinn
Alba
Canada
na Stàitean Aonaichte
Astràilia
Sealainn Nuadh
Luchd-labhairt iomlan
69,701 ann an Alba
2,000 ann an
Alba Nuadh
1,610 anns na Stàitean Aonaichte
822 ann an Astràilia
669 ann an Sealainn Nuadh
Teaghlach-chànan
Ind-Eòrpach
Ceilteach
Goidhealach
Gàidhlig
Siostam-litreachaidh
Aibidil Laideannach
Inbhe Oifigeil
Far a bheil i 'na
chànan oifigeil
Alba
Còdan Cànan
ISO 639-1
gd
ISO 639-2
gla
ISO 639-3
gla
'S i
cànan
dùthchasach na h-
Alba
a th' anns
a' Ghàidhlig
. 'S i ball den teaghlach de
chànanan Ceilteach
dhen mheur
Ghoidhealach
a tha anns a' Ghàidhlig. Tha Goidhealach a' gabhail a-steach na cànanan Gàidhealach gu lèir;
Gàidhlig na h-Èireann
Gàidhlig Mhanainn
, agus Gàidhlig agus gu dearbh chan eil anns an fhacal "Goidhealach" ach seann fhacal a tha a' ciallachadh "Gàidhealach".
Tha mu 69,701 ga bruidhinn ann an Alba a rèir
Cunntas na h-Alba 2022
Teaghlach Cànain
Tha a h-uile cànan Gàidhealach air fàs bhon t-
Seann-Ghàidhlig
a bhathar a' bruidhinn o chionn còrr is mìle bliadhna – an cànan ris an canar "
Old Irish
" mar is trice anns
a' Bheurla
ged a bhiodh "
Old Gaelic
" nas cuimsich. Ann an Alba canar "
Scottish Gaelic
", "
Scots Gaelic
" no gu tric "
Gaelic
" a-mhàin ris a' chànan. Air taobh a-muigh na h-Alba bidh feadhainn ag ainmeachadh na Gàidhlig mar "Scottish" no "Scots" ach chan eil seo cumanta ann am
Beurla na h-Alba
oir tha ciall an dara fhacail seo air atharrachadh tarsainn air na linntean gu bhith a' ciallachadh na
Beurla Ghallda
ris an canar "
Scots
", "
Lowland Scots
" no "
Lallans
", agus "
Doric
" anns a chainnt fhèin.
'S i a' Ghàidhlig an cànan dualchasach aig na
Gàidheil
agus tha ceangail daingeann aice ri
Gàidhlig na h-Èireann
. Ge-tà, tha àite fhathast aig a' Ghàidhlig ann an
dualchas na h-Alba
agus cha do chaill i a-riamh a h-inbhe gu lèir mar chànan nàiseanta na h-Alba agus 's iomadh Albannach a bhios ag aithneachadh an àite chudromaich aice anns an dùthaich agus ann an eachdraidh na dùthcha. Ach cuiridh feadhainn eile dì-meas oirre mar chànan roinneil gun àite no eachdraidh ach air
a' Ghaidhealtachd
agus ann an
Innse Gall
Eachdraidh
Tòiseachadh
Tha an duilleag 5r teacsa an t-Soisgeil a Rèir Mhata anns a’ Ghàidhlig.
'S e cànan eachdraidheil do chuid mhòr de dh'
Alba
a th' anns a' Ghàidhlig agus is ann air na seann Ghàidheal, air an tug na Ròmanaich "
Scotti
" san
Laideann
, a chaidh Alba ainmeachadh mar "
Scotia
" no "
Scotland
" anns a' chànan
Ghallta
. Chan eilear cinnteach air dè cho fada 's a tha eachdraidh na Gàidhlig ann am
Breatainn
a tuath ach tha fianais ann bho ainmean-àite gun tàinig luchd-àiteachaidh Gàidhealach gu math tràth agus ann am mòr-àireamh do na Rannaibh ann an Gall-Ghàidhealaibh mus robh rìoghachd Dhál Riata air a stèidheachadh timcheall 500 AD.
Tha a’ Ghàidhlig air a bhith ga bruidhinn ann an Alba fad còrr is 1500 bliadhna, bhon a thugar a-nall à Èirinn i le na fògarraich a thathaich ann an
Dail Riata
, mòr-thir cuimseach far a bheil Earra-Ghàidheal an-diugh. Bhon toiseach seo, sgaoil a’ Ghàidhlig a-mach tron mhòr chuid dhen dùthaich agus gu Innse Gall, a gabhail àite nan Cruithneach agus nan treubhan Ceilteach eile a bha san tìr.
Cha do dh’fhuirich taobh a-muigh "Alba Ghàidhealach" seo ach a-mhàin Gallaibh, fìor earra dheas na dùthcha, agus na h-eileanan aig tuath.
Le sin, feumaidh gun deach a’ Ghàidhlig a bhruidhinn, sa mhòr-chuid na dùthcha agus tha i air dìleab fhàgail ann an ainmean-àite na dùthcha.
Le stèidheachadh Rìoghachd Dhál Riata mu àm na 4mh linne, agus e a' dèanamh ceangail eadar an seann roinn de dh'
Ulaidh
ann an taobh a tuath na h-Éireann agus taobh siar na h-Alba, dh' fhàs cumhachd agus sgaoil na Gàidhlig agus bha buaidh mhòr aig an
eaglais Ghàidhealaich
air a' chànan, agus i a' sìneadh a-mach tarsainn air Breatainn a tuath. Tha dearbhadh ainmean-àite a' sealltainn gun robh a' Ghàidhlig ga bruidhinn anns na
Gall-Ghàidhealaibh
mun 5mh no 6mh linn. An dèidh greis ghabh a' Ghàidhlig àite cànan nan
Cruithneach
gu tuath an
Uisge For
agus cho fadalach ris an 15mh linn, b' e
Scottis
an t-ainm a bha orra anns a' Bheurla.
San naoidheamh linn às dèidh bhreith Chrìosda, bha ceannard nan Gàidheal,
Coinneach MacAilpein
air na Cruithnich agus na Gàidheil a thoirt còmhla agus bha e mar a’ chiad riaghladair air Alba, mòr-raon a bha a’ gabhail a-steach a’ mhòr-chuid de dh’ Alba tuath air aibhnichean Fhoirthe agus
Chluaidh
. Chun an latha an-diugh cleachdar an t-ainm
Alba
airson na dùthcha air fad.
Crìonadh na Gàidhlig
Ainmean-àite ann an Alba leis an ealamaid BAL- bho 'baile'. Tha na dàta seo a' toirt beachd dhuinn air dè cho farsaing 's a bha tuineachadh nan Gàidheal aig àrd an neart ann an Alba
Bha a’ Ghàidhlig aig a h-àrd ìre san 11mh linn. Ach nuair a phòs Máel Coluim III (Maol-Chaluim Ceann Mòr) Margaret ann an 1071, b’ i a’ Bheurla cànan a chùirt, agus thòisich crìonadh na Gàidhlig bhon sin. Bha cùisean air an dèanamh nas miosa leis a’ gheur-leanmhainn a rinneadh air a Ghàidhlig, le mì-leasan
malairteach
agus le daoine a’ tighinn a-staigh as ùr. Tha e coltach ge-tà gun robh an sluagh fhathast a' bruidhinn na Gàidhlig gu 1400.
Mun àm seo, thòisich an cànan a' fàs diofraichte bho
Ghàidhlig na h-Èireann
Thòisich a' Ghàidhlig a' crìonadh air tìr-mhór na h-Alba mu thoiseach na 13mh linn agus leis a-seo thòisich i a bhith a' call a h-inbhe mar chànan nàiseanta. Mu thoiseach na 15mh linn bha sgeul air tighinn
Mì rùn mòr nan Gall
agus cò-strì eadar na h-Albannaich Ghàidhealach agus na h-Albannaich Ghallda. Ged a bhàsaich a' Ghàidhlig anns a' chuid as motha den
Ghalldachd
bha i fhathast ga bruidhinn ann am pàirtean,
Charraig
agus na
Gall-Ghàidhealaibh
nam measg, cho fadalach ris an 18mh linn.
Ann am bliadhnaichean tràtha an 16mh linn, dh' atharraich na Goill ainm na Gàidhlig bho Scottis gu "Erse" (agus sin a' ciallachadh Èireannach). Chleachdadh "Scottis" bhon uair sin mar ainm airson buidhinn de
dhual-chainntean
a dh' fhàs bho Bheurla Meadhan Aoisean (
Middle English
) a bha ga bruidhinn am broinn
Rìoghachd na h-Alba
). Chruthaich sin sgaradh eadar na daoine ann an Alba aig an àm agus chunnacas na Gàidheil mar sluagh chèin.
Sgùrr Alasdair, a' bheinn as àirde san Eilean Sgitheanach. Tha iomadh beinn ann an Alba air a bheil ainm Gàidhlig.
Chrìon an cànan gu mòr le sgiùrsadh nan Gàidheal an dèidh
Blàr Chuil Lodair
an
1746
. Air sgàth 's gun do dh' fhàs na Cinn Cinnidh nan uachdarain às dèidh Blàir Chuil Lodair, dh' fhàs sgaradh eadar na daoine agus na h-uaislean. Bha na uaislean a' measgachadh le muinntir an Deas, a' bruidhinn Beurla agus ghabh iad thairis cleachdaidhean Gallda. Mar sin chaidh iad an ceangail ri muinntir na Gàidhealtachd a dh'fhàs bochd. Chuir an
Scottish Society for the Propagation of Christian Knowledge
(SSPCK) sgoiltean air a' Ghàidhealtachd gus cur às do cleachdaidhean Gàidhealach agus cànan nan Gàidheal. Bha iad den bheachd gun robh sin a' leasachadh muinntir na Gàidhealtachd. Bhon a sin bha droch inbhe aig a' Ghàidhlig, oir cha robh ach na daoine bochda ga bruidhinn, agus na daoine cumhachdail a' bruidhinn na Beurla. San 19mh linn bha àireamh nan daoine agus le sin an luchd-labhairt a' crìonadh gu luath air sgàth
Fuadaichean na Gàidhealtachd
B’ e cunntas-sluaigh
1891
a’ chiad fhear a chunnt àireamh luchd-bruidhinn na Gàidhlig, agus chaidh 210,000 a chlàradh ann an Alba aig an àm sin. Ach bha imrich air falbh bhon Ghàidhealtachd, foghlam sa Bheurla agus buaidh nam meadhanan Gallda a’ ciallachadh gun robh a’ Ghàidhlig a’ sìor-chrìonadh tron fhicheadamh linn. Sa chunntas-sluaigh ann an
1991
, cha robh ach 65,000 air an clàradh mar luchd-bruidhinn na Gàidhlig, an treas cuid de na bha ann ceud bliadhna ma bu tràithe. Thuit an àireamh a-rithist a rèir nan cunntasan ann an 2001 agus 2011 ach a rèir
Cunntas na h-Alba 2022
bhruidhnich 69,701 Gàidhlig agus bha comas air choireigin aig 130,161.
Cultar
Faic cuideachd
Bàird Ghàidhlig
Seachd
Ealain
Ceòl Gàidhlig
Tha
beul-aithris
agus dualchas
litreachais
làidir aig a' Ghàidhlig agus i air a cleachdadh mar chànan nam bàrd fad linntean. Tha ceòl tradaiseanta Gàidhealach air fàs nas coileanta bho na
60an
, agus tha barrachd is barrachd phàrantan a' togail an cuid cloinne tro mheadhan na Gàidhlig.
Na Meadhanan
Tha stèisean Gàidhlig aig a' BhBC, a sgaoileas cuideachd còmhla ris a' Ghàidhlig Èireannach Raidió na Gaeltachta. Tha prògraman Gàidhlig air an telebhisean air an sgaoileadh leis a' BhBC cuideachd, air a bheil fo-thiotalan Beurla. Nì STV (pàirt Albannach aig ITV) cuid prògraman Gàidhlig air a shon fhèin agus don BhBC. Tha e comasach do dhaoine le
Freeview
TeleG fhaighinn, a sgaoileas fad uair a thìde gach feasgar.
Thòisich seanail ùr digiteach,
BBC Alba
, air 19 An t-Sultain 2008, a tha ri fhaicinn tro
Sky
agus
Freesat
. 'S e co-obrachadh eadar BBC Scotland agus
MG Alba
a th' ann. Tha MG Alba na iomairt ùr air a maoineachadh le Riaghaltas na h-Alba gus craoladh Gàidhlig a bhrosnachadh.
Cànan
Fuaimneachadh
Mapa fuaimneachaidh ‘bainne’ anns a Ghàidhealtachd, stéidhte air Scottish Gaelic Dialect Survey le Douglas M Fraser, 2015
Fuaimreagan
Tha an
stràc throm
aig
fuaimreagan
na Gàidhlig, leis na litrichean
à, è, ì, ò, ù
. Tha an
stràc gheur
air uairibh air fhaicinn ann an sgrìobhaidhean, le
agus
comharraichte, ach am bitheantas, tha stràc throm aig a h-uile fuaimreag.
Clàr fhuaimreagan le dòigh-labhairt ann an
IPA
Litreachadh
Fuaimneachadh
Mar
[a]
bata
[a:]
bàta
[ɛ]
[e]
le, teth
è, é
[ɛ:]
[e:]
sèimh, fhéin
[i]
[i:]
sin, ith
[i:]
mìn
[ɔ]
[o]
poca, bog
ò, ó
[ɔ:]
[o:]
pòcaid, mór
[u]
tur
[u:]
tùr
Dà-fhoghair
Clàr de dhà-fhoghair (a thaobh sgrìobhaidh), le dòigh-labhairt ann an
IPA
Litreachadh
Fuaimneachadh
Mar
ai
[a]
[ə]
[ɛ]
[i]
caileag, iuchair, geamair, dùthaich
ài
[aː]
[ai]
àite, bara-làimhe
ao(i)
[ɰː]
[əi]
caol, gaoil, laoidh
ea
[ʲa]
[e]
[ɛ]
geal, deas, bean
eà
[ʲaː]
ceàrr
èa
[ɛː]
nèamh
ei
[e]
[ɛ]
eile, ainmeil
èi
[ɛː]
cèilidh
éi
[eː]
fhéin
eo
[ʲɔ]
deoch
eò(i)
[ʲɔː]
ceòl, feòil
eu
[eː]
[ia]
ceum, feur
ia
iə
[ia]
biadh, dian
io
[i]
[ᴊũ]
fios, fionn
ìo
[iː]
[iə]
sgrìobh, mìos
iu
[ju]
piuthar
iù(i)
[juː]
diùlt, diùid
oi
[ɔ]
[ɤ]
boireannach, goirid
òi
[ɔː]
fòill
ói
[oː]
cóig
ua(i)
[uə]
[ua]
ruadh, uabhasach, duais
ui
[u]
[ɯ]
[ui]
muir, uighean, tuinn
ùi
[uː]
dùin
Consain
Clàr de chonsain le dòigh-labhairt ann an
IPA
Freumhail
Sèimhichte
Litreachadh
Leathann
Caol
Ceart-sgrìobhadh
Leathann
Caol
[p]
[p]
bh
[v]
[v]
[kʰ, xk]
[kʰʲ, çkʲ]
ch
[x]
[ç]
[t]
[tʲ]
dh
[ɣ]
[j]
[f]
[f]
fh
ciùin
ciùin
[k]
[kʲ]
gh
[ɣ]
[j]
[ɫ]
[ʎ]
[ɫ]
[l]
[m]
[m]
mh
[v]
[v]
[n
[ɲ]
[n]
[n]
[pʰ, hp]
[pʰ, hp]
ph
[f]
[f]
[r]
[r]
[r]
[ɾʲ]
[s]
[ʃ]
sh
[h]
[h]
[tʰ, ht]
[tʲʰ, htʲ]
th
[h]
[h]
dà-bhileil
bileil-fiaclach
fiaclach
còsagail
for-chòsagail
de bhràighe a' bheòil
na cìche an t-sluagain
spreadhadh
t̪
d̪
tʲ, dʲ
srònach
coireall
bualadh
, ɾʲ
suathadh
taobhach
Ceanglaichean a-mach
Bileag fiosrachaidh bho SMO
(pdf)
Facail Iasadach
Tha dualchas Ceilteach aig a' chuid as motha de dh'fhacail Ghàidhlig. Ach tha mòran fhacal sa chànan bho chainntean eile ris an canar
"facail iasaid"
. Tha mòran dhiubh a' tighinn bho
Laideann
muinntir
is
Didòmhnaich
bho
monastērium
is
Dies Domini
), seann
Ghreugais
le buaidh mhòr air an roinn diadhaidh (
eaglais
is
Bìoball
bho
ἐκκλησῐ́ᾱ
is
βιβλία
),
Lochlannais
nàbaidh
is
sgeir
bho
nábúi
is
sker
),
Eabhra
an t-Sàbaid
is
Aba
bho
שַׁבָּת
is
אבא
) agus
Beurla
briogais
is
maicreafòn
bho
britches
is
microphone
).
Tha oidhirpean ann an cànan ùrachadh tro cruthachadh
nua-fhacail
a' bheanas ri adhartasan agus atharraichean a-rèir
teicneòlais
agus cùisean eile co-cheangailte ri beatha an latha an-diugh. Ach 's tric a thèid am facal Beurla a ghabhail agus a chur ann an litreachadh na Gàidhlig; mar eisimpleir Telebhisean bho Television ('s e "cian-dealbh" ainm eile sa Ghàidhlig air a shon nach eil cho cumanta),
coimpiùtar
bho
computer
(ainmean eile nach tèid cleachdadh:
aireamhadair
bocsa-fiosa
). Leis na gnìomhairean, mar eisimpleir, is tric a thèid facail na Beurla a chleachdadh le deireadh Gàidhlig (-eadh, no an
Leòdhas
, -igeadh) mar eisimpleir; "Tha mi a'
watch
eadh/
watch
igeadh an
telly
" (an àite "Tha mi a'
coimhead
air a'
chian-dhealbh
").
A' dol san cùrsa eile, tha buaidh air a bhith aig a' Ghàidhlig air a'
Bheurla Ghallda
agus Beurla gu ìre, gu h-àraidh Beurla na h-Alba. Tha facail iasadach bhon Ghàidhlig gus na cànanan seo mar:
ben
(beinn),
brogue
(bròg),
clan
(clann),
glen
(gleann),
strontium
(Sròn an t-Sìthein),
slogan
(sluagh-ghairm),
whisky
(uisge), agus
lake
(loch). Dhrùidh fòn-eòlas na Gàidhlig gu math blas Beurla na Gàidhealtachd. Mar eisimpleir ann an Gàidhealtachd, mar sin tha [x] (amhail
lo
ch
is
Albanna
ch
) glè choitidh.
Eadar-dhealachaidhean ri Gàidhlig na h-Éireann agus Gàidhlig Mhannainn
Gàidhlig na h-Éireann
Gàidhlig
Gàidhlig Mhannainn
Fáilte
Fàilte
Failt
Uladh:
Goidé mar atá tú?
Connacht:
Cén chaoi a bhfuil tú?
Mumhan:
Conas tánn tú?
Coitcheann
Ciamar a tha thu?
Leòdhas
Dè man a tha thu?
Earra-Ghàidheal
agus
na h-Eileanan Siar
10
Dè mar a tha thu?
Kys t'ou?
Uladh:
Cad é an t-ainm atá ort?
Connacht:
Cén t-ainm atá ort?
Mumhan:
Cad is ainm duit?
Coitcheann:
Dè an t-ainm a tha ort?
Costa an iar
11
C' ainm a tha ort?
Cre'n ennym t'ort?
Is mise...
'S mise...
Mish...
Lá maith
Latha math
Laa mie
Maidin mhaith
Madainn mhath
Moghrey mie
Tráthnóna maith
Feasgar math
Fastyr mie
Oíche mhaith
Oidhche mhath
Oie vie
Go raibh maith agat
Na h-Eileanan Siar
agus
an t-Eilean Sgitheanach
12
Tapadh leat
Coitcheann
13
Mòran taing
Iar-dheas
14
Gun robh math agad
Gura mie ayd
Slán leat
Mar sin leat
Slane lhiat
Sláinte
Slàinte
Slaynt
Eadar-dhealachaidhean ri Gàidhlig na h-Éireann
Eisimpleirean:
Gàidhlig (Leòdhais) — Dè mar a tha thu?
Gàidhlig Choitcheann — Ciamar a tha thu?
Gàidhlig na h-Éireann (Ulaidh) — Caidé mar a tá tú?,
no
Cad é mar atá tú?
Gàidhlig na h-Éireann Choitcheann — Conas atá tú?
Gàidhlig — Chan eil airgead agam.
Gàidhlig na h-Éireann — Níl airgead agam
Gàidhlig na h-Éireann
Gàidhlig
Gael
: Gàidheal
lá
: latha
oíche
: oidhche
isteach
: a-steach
scoil
: sgoil
páiste
: pàisde
gan
: gun
údarás
: ùghdarras
oifig
: oifis (air a neo oifig)
oscailte
: fosgailte
bliain
: bliadhna
raidió
: rèidio (gath-cian-sgrìobhach)
rialtas
: riaghaltas
parlaimint
: pàrlamaid
oileán
: eilean
Eadar-dhealachaidhean ri Gàidhlig Mhanainn
Eisimpleirean:
Gàidhlig Choitcheann — Ciamar a tha thu?
Gàidhlig Mhanainn — Kys t'ou?
Gàidhlig Choitcheann — Seo an taigh agam.
Gàidhlig Mhanainn — Shoh yn thie aym.
Gàidhlig Mhanainn
Gàidhlig
Gael
: Gàidheal
laa
: latha
oie
: oidhche
sthie
: a-steach
scoill
: sgoil
paitçhey
: pàisde
gyn
: gun
eaghtyrys
: ùghdarras
offish
: oifis (air a neo oifig)
foshlit
: fosgailte
blein
: bliadhna
radio
: rèidio (gath-cian-sgrìobhach)
reiltys
: riaghaltas
ard-whaiyl
: pàrlamaid
ellan
15
: eilean
Tùsan
"Oifis Iomairtean na Gàidhlig
"Language by State - Scottish Gaelic"
aig làrach-lìn
Modern Language Association
, a' tarraing air 27 an Dùbhlachd 2007
"Languages Spoken At Home"
bho làrach-lìn Riaghaltas Astràilia:
Office of Multicultural Interests
, a' tarraing air 27 an Dùbhlachd 2007
Languages Spoken:Total Responses
làrach-lìn staitistearachd Seallainn Nuaidh, a' tarraing air 5 an Lùnasdal 2008
Àrdachadh ann an luchd-labhairt na Gàidhlig
”, Naidheachdan a' BhBC.
21mh
dhen Chèitean 2024.
Air a thogail 21mh
dhen Chèitean 2024.
Iona, Anna Ritchie, Historic Scotland, 1997,
ISBN 0-7134-7856-X
; t-d: 29-30
"ciamar"
Am Faclair Beag
Michael Bauer
and Will Robertson
. Retrieved
15 January
2019
"dè man"
Am Faclair Beag
Michael Bauer
and Will Robertson
. Retrieved
15 January
2019
"dè mar"
Am Faclair Beag
Michael Bauer
and Will Robertson
. Retrieved
15 January
2019
"c' ainm a tha ort?"
Am Faclair Beag
Michael Bauer
and Will Robertson
. Retrieved
15 January
2019
"tapadh leat"
Am Faclair Beag
Michael Bauer
and Will Robertson
. Retrieved
15 January
2019
"mòran taing"
Am Faclair Beag
Michael Bauer
and Will Robertson
. Retrieved
15 January
2019
"gun robh math agad"
Am Faclair Beag
Michael Bauer
and Will Robertson
. Retrieved
15 January
2019
"ON-LINE MANX DICTIONARY"
ON-LINE MANX DICTIONARY
. J.F. Craine
. Retrieved
16 June
2020
Aistidhean co-cheangailte
Gràmar na Gàidhlig
Gàidhealtachd
Caochlaidhean eadar Gàidhlig agus Gaeilge
Beurla Ghallda
, an sean sheòrsa de
Bheurla
a bhuineas ri
Galldachd
Alba.
Am Mòd
, an co-fharpais cheòl Gaidhealach ainmeil
Gàidhlig meadhan na mara
Ceanglaichean a-muigh
Pàrlamaid na h-Alba
BBC Alba
Alba - Beag air Bheag
Gàidhlig airson luchd-ionnsachaidh.
Comunn na Gàidhlig
Iomairt Cholm Cille
Sabhal Mòr Ostaig
Am Faclair Beag le Dwelly 'na bhroinn
Faclairean Goidhealach
Am Baile
Bòrd na Gàidhlig
Gàidhlig
CLÀR
Foillsichear Gàidhlig a rinn co-obrachadh le Oi Polloi
Leir-chunntas na h-Alba
Fòram na Gàidhlig
Coimhearsnachd airson ionnsachadh is leasachadh na Gàidhlig
Tìr nam Blòg
Blogaichean sa Ghàidhlig
Cunntasan-sluaigh agus stadastaireachd
A’ Ghàidhlig aig ìre pharaisteach anns an 20mh linn
(pdf) –
pàipear le Iain Mac an Tàillleir (2022)
Cànain Cheilteach
Eileanach
Mòr-thìreach
Gàidhlig na h-Alba (Gàidhlig)
Gàidhlig na h-Èireann (Gaeilge)
Gàidhlig Mhanainn (Gaelg no Gailck)
Briothannach
Breatannais (Brezhoneg)
Cuimris (Cymraeg)
Còrnais (Kernowek)
Mòr-thìreach
Ceilt-Ìbeiris
Galaicis
Gallais
Leapontais
Cànanachas na Gàidhlig
Cànain
Gàidhlig
Seann-Ghàidhlig
Gàidhlig Chlasaigeach
Cuspairean
Gràmar na Gàidhlig
Morf-eòlas na Gàidhlig
Gàidhlig meadhan na mara
Daoine
Tim Armstrong
Michael Bauer
Carl Borgstrøm
Anndra Mac a' Cheàrnaigh
Richard Cox
Henry Dieckhoff
Nancy Dorian
Seumas Grannd
Nils Holmer
Will Lamb
Coinneach MacFhionghuin
Alasdair MacGilleBhàin
Gòrdon MacGilleFhinnein
Magne Oftedal
Roibeard Ó Maolalaigh
Máirtín Ó Murchú
Tomás Ó Rathaile
Elmar Ternes
Roy Wentworth
Goireasan
Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig
Faclair na Gàidhlig
Smachd ùghdarrais
LCCN
sh85052703
GND
4120187-5
SUDOC
027595153
BNF
cb119601320
(data)
NKC
ph135664
BNE
XX558477
Air a tharraing à "
Roinnean-seòrsa
Pages using ISBN magic links
Articles containing Irish language text
Articles containing non-English language text
Gàidhlig
Cànain Ghàidhealach
Cànain Ghoidhealach
Gàidhlig
Cuir ris cuspair
US