Spàinntis - Uicipeid
Jump to content
O Uicipeid
Spàinntis
español, castellano
Fuaimneachadh
espaˈɲol/, /kasteˈʎano/
Far a bheil i 'ga bruidhinn
An Spàinn
Faic teacsa
Luchd-labhairt iomlan
500 millean (mar ciad chainnt)
417 millean mar chiad is dàrna chànan
Reangach
2 or 3 (mar chiad chainnt)
3 (gu lèir)
Teaghlach-chànan
Innd-Eòrpach
Cànain Eadalach
Cànain Ròmansach
Italo-Western
Gallo-Iberian
Ibero-Romance
West Iberian
Spàinntis
Siostam-litreachaidh
Aibidil Laideannach
Inbhe Oifigeil
Far a bheil i 'na
chànan oifigeil
21 dùthchannan
'Ga riaghladh le
Association of Spanish Language Academies (
Real Academia Española
is 21 acadamaidhean eile)
Còdan Cànan
ISO 639-1
es
ISO 639-2
spa
ISO 639-3
spa
Roinnean far a bheil Spàinntis ga bruidhinn;
Dearg
: Spàinntis mar cànan oifigeil a-mhàin,
Gorm
: Spàinntis mar cànan oifigeil còmhla ri cànain eile
'S e
cànan
Innd-Eòrpach
a`tha ann an
Spàinntis
, ainm bho thùs:
castellano
. Thàinig an cànan bho thaobh tuath na
Spàinne
. Tha freumhan cumanta aig an Spàinntis agus am
Portagailis
. Tha Spàinntis ga bhruidhinn anns an Roinn Eòrpa, ann am corra àite ann an Àisia is Afraga, agus gu h-àraidh air feadh Aimearaga.
Eachdraidh
deasaich
deasaich an tùs
Thathar ag ràdh gun do nochd an Spàinntis agus Am Portagailis mar chànain rè linntean na cogaidhean an aghaidh nan Arabach. Aig toiseach tòiseachaidh an ghnothaich, fhad' s a bha làmh an uachdair fhathast leis na Arabaich, bha sreath dhe Rìoghachdan beaga neo-eisimeileach ann, is iad uile ann an ceann a thuath na Spàinne. Anns
A' Ghàilis
, bha cànan le freumhan
Laideann
ga bhruidhinn. Beag air bheag, rinneadh na Crìostaidhich an gnothaich air na h-Arabaich, gan sguabadh a-mach às an dùthaich. Mu dheireadh thall, nochd dà stàit, An Spàinn agus A' Phortagail, far an robh dà chànan coltach ann: Spàinntis agus Portagailis.
Laideann ga Bhruidhinn
deasaich
deasaich an tùs
Cha robh Laideann ga bhruidhinn ann am Iberia mus do ràinig feachd na Ròimh ann am 318 RO is rinn iad an gnothaich mu dheireadh thall ann an 18 RO, fo Chaesar Augustus. Sgaoil an cànan fad is farsaing gu luath, agus an ceann beagan ghinealach, bha na cànanan tùsail air a bhàsachadh ach ann corra àite. Thathar a' creidsinn gu robh na daoine deiseil airson a ghabhail ri cultar agus cànan na Ròimh leis gu robh cultaran adhartach mar na Greugaich ann bho thùs. Anns a' chiad linn thuit ìompaireachd na Ròimh a-mach a chèile agus thoisich leasachadh neo-eisimeileachd a' chànain anns na beanntan ann an thaobh mu thuath na dùthcha. Tha iomadh ainm-àite Laideann anns an Spàinn gus an latha an-diugh. Cha do leig na cànanan tùsail ach facal neo dhà.
Turas na Visigoths
deasaich
deasaich an tùs
Bha làmh an iuchair aig na Visigoths, treudan às a' Ghearmailt, rè iomadh linne an dèidh dha na Ròmanaich Hispania fhàgail. Thug iad facal neo dhà dhuibh, ach cha do chuir an cànan aca air an dùthaich, leis cho pròiseil a bha cultar agus cànan na Ròimh, ged nach robh a saighdearan nas motha. 'S e clas flathail a chruthaich iad anns an Spàinn. An dìleab aca: na sloinnidh. 'S e ainmean Visigoth a th' ann na sloinnidh Spàinnteach le -ez: Martínez = Mac Mhàrtainn, Rodríguez = Mac Ruaraidh (Martin's/Roderick's).
A' Bhuaidh Arabach
deasaich
deasaich an tùs
Ann am 711 Ràinig airm Muslamach an ceann a deas na Spàinne, le ceann-feachda ris an canadh Tariq Ibn Ziyad os a chionn. Bha Arabais na chànan làitheil beò anns an dùthaich gu ruige 1592, nuair a cheannsaich feachdan Rìgh Fernando agus Banrighinn Isabel an Rìoghachd Mhuslamach mu dheireadh ann an Granada, is na Muslamaich nam fògarraich anns na beanntan neo thall thairis ann am
Maroco
. 'S e Al Andalus an t-ainm a bha air na tìrean Muslamaich far a bheil An Spàinn agus A' Phortagail an latha an-diugh. Rè 881 bliadhna bha cultar Arabach,
saidheans
, ionnsachadh,
àiteachas
, smuaintean agus cleachdaidhean ma sgaoil air feadh na dùthcha agus gu ruige an Roinn Eòrpa. Chruthaich rìghrean na Spàinne Sgoil Eadar-Theangaidh ann an Toledo, an dèidh am baile a thoirt bho na Muslamaich ann am 1085. Le sin, fhuair an Roinn Eòrpa beartas mòr bhuapa. A bharrachd air Muslamaich, bha coimhearsnachdan
Iùdhaich
agus Crìostaidh nan tàmh gu sìtheil còmhla.
Seo sreath fhacail le tùs Arabach ann an Spàinntis. Mar as àbhaist, tha iad uile faclan foghlaimte, àiteachail, biadh bho thall thairis neo cogail.
Facal ann an Spàinntis
Facal ann an Arabais
Fuaimneachadh
Facal anns a' Ghàidhlig
Alquería
قرية
Qeriya
Baile beag armailte
Aceite
زيت
Zayt
Ola
Albaricoque
Albarqùq
Crann chocair
Tobaco
التبغ
Tabaq
Tombac
Jabalí
Ghabalì
Tuirc
Limón
ليمون
Laymun
Liomaid
Algebra
علم الجبر
Alghabru
Ailseabra
Aceituna
الزيتون
Azazaytùna
Meas a' Chrann-ola
Acequia
Assaqya
Clais-uisge
Visir
الوزير
Wazìr
Ministear an Riaghaltais
Alberca
بركة
Albìrqa
Stòr-uisge
Alcalde
Alqàdi
Pròbhaist
Azotea
Assuthayha
Mullach còmhnard taigh
Alférez
Alfàris
Leas-oifigear
Tabique
Taisbik
balla
Almirante
أميرال
Amìr
Ceann-loingeis
Fánega
Faniqa
Acair
Alcázar
الكازار
Qasr
Caisteal
¡Ojalá!
O mo chreach!
Café
قهوة
Qahwah
Cofaidh
Ceannsachadh Aimearagaidh
deasaich
deasaich an tùs
Ceannsachadh Aimearagaidh
Ann an 1592, ràinig loingeas Spàinnteach eileanan anns a' Chairib. Le sin, thoisich ceannsachadh mòr a thug an tìr-mòr Aimearaga fo bhuaidh na Spàinne neo A' Phortagail bho Chalifornia mu thuath gu ruige Patagonia ann an ceann a deas. Cha do chaill An Spàinn an colonaidh mu dheireadh aice gus 1898, nuair bhuannaich na Stàitean Aonaichte ann an Cuba. Rinn na Spàinntich droch mhilleadh an siud, agus thuit an àireamh-shluaigh gu mòr, leis nach robh iad deiseil airson gan dìon bho tinneasan na Roinn Eòrpa is an droch làimhseachaidh a fhuair iad. A bharrachd air sin, nochd iomadach fhacal ann an Spàinntis: faclan airson rudan nach fhaiceadh a-riamh ann an Roinn Eòrpa, rudan a-nis cho làitheil dhuinn, mar a' bhuntàta neo an tomàto.
Seo sreath dhe na faclan a thàinig dhan Spàinntis bho na Cànainean tùsail ann an Aimearaga, gu h-àraidh bho na cultaran adhartach. Gu tric, tha faclan tùsanach eadar-dhealaichte anns gach uile dùthaich ann an Aimearaga Laideannach. Mar eisimpleir, ann am Meagsago, tha na faclan bho Nauhatl, cànan nan Aztec, uabhasach pailt. Ann am Pearù, tha a' mhòr-chuid dhuibh a' tighinn bho Quechua, teanga oifigeil
Tawantinsuyu
. An latha an diugh, 's e Piri-Piri
Guaranaidh
an t-ainm ann am Paraguaidh agus Braisil air an stuth ris an canar chile
(nahuatl)
ann am Meagsago, ach 's e ají
(taino)
am facal a tha aca air feadh na Mara Chairibianach.
Facal ann an Spàinntis
Facal tùsail
Cànan tùsail
Roinn
Facal anns a' Ghàidhlig
Achiote
achiyotl
Nauhatl
Aimearaga Meadhanach
Stuth dearg 'son còcaireachd
Aguacate
Ahuacatl
Nauhatl
Aimearaga Meadhanach
Abhocado
Barbacoa
Taino
Muir Chairibianach
àine-chaoire
Bejuco
Bohío
Tobht
Cacique
Ka Chi Ka
Taino
Muir Chairibianach
Ceann-cinnidh
Caníbal
Caríbal
Taino
Muir Chairibianach
Canabail
Caucho
Kauchu
Quechua
Pearu
Rubair
Chicle
tzictli
Nauhatl
Aimearaga Meadhannach
Glaodh Cagnaidh
Chile
Chilli
Nauhatl
Aimearaga Meadhannach
Tile
Chocolate
Xoco (searbh) Atl (uisge)
Nauhatl
Aimearaga Meadhanach
Teòclaid
Guacamole
Huaca Mulli
Nauhatl
Aimearaga Meadhanach
Sàbhas guacamole
Guagua
Wawa
Quechua
Pearu
Aran
milis
Guayaba
Arawak
Muir Chairibianach
Meas Ghuabha
Huracán
Taino
Muir Chairibianach
Stoirm mhòr
Iguana
Iwana
Arawak
Muir Chairibianach
Ioguana
Maíz
Mahís
Taino
Muir Chairibianach
Cruinneachd Innseanach
Papa
Papa
Quechua
Pearu
Buntàta
Piraña
Pira (iasg) Anha
Guaraní
Paraguaidh Mhòr
Iasg
Piranha
Tomate
Tomatl
Nauhatl
Aimearaga Meadhanach
Tomàto
An-diugh tha eadar 322 agus 400 millean duine a' bhruidhinn Spàinntis mar prìomh-chànan.
Dùthchannan far a bheil Spàinntis ga bhruidhinn
deasaich
deasaich an tùs
Cànan Oifigeil
deasaich
deasaich an tùs
'S e Cànan fa-leth eadar-nàiseanta a th' ann an Spàinntis, leis gu bheil e ga bhruidhinn ann a bharrachd air 20 dùthchannan. 'S an teanga oifigeil anns na dùthchannan a leanas. Tha iad uile dùthchannan a bha fo bhuaidh ìompaireachd na Spàinne o shean:
An Argantain
Coloimbia
El Salbhador
Niocaragua
A' Bheiniseala
Costa Rica
Guatamala
Panama
An t-Sile
Cuba
Honduras
Poblachd Dhoiminicia
An Spàinn
Eacuador
Meagsago
Uruguaidh
Cànan Co-oifigeil
deasaich
deasaich an tùs
'S an teanga co-oifigeil anns na dùthchannan a leanas a th' ann an Spàinntis, is iad uile dùthchannan ann an
Aimearaga-Laideannach
far a bheil sluagh làidir tùsanach, neo fada falbh bhon na sgìrean a bha fo bhuaidh na Spàinne, mar
Afraga
neo
Aisia
. A bharrachd air sin, tha an Spàinntis na chànan co-oifigeil ann am Puerto Rico, air sgàth gu bheil ceanglaichean làidir aige ris
na Stàitean Aonaichte
Boilibhia
(Tha Spàinntis aig 90% na dùthcha is e na chànan co-oifigeil ri taobh na cànainean tùsail fo lagh ùr bho 2000)
Gini Mheadhan-Chriosach
Paraguaidh
(Dùthaich dà-chànanach fo Bhun-reachd 1992)
Pearu
(Tha Spàinntis aig 80% na dùthcha is e na chànan co-oifigeil ri taobh na cànainean tùsail fo Bhun-reachd 1993)
Puerto Rico
Na h-Eileanan Filipineach
Braisil
(Ged nach e cànan oifigeil a th ’innte san dùthaich fhèin, tha Spàinntis ga bruidhinn gu farsaing mar
mhion-chànan
ann an sgìrean crìche Bhrasil le
Argentina
Paraguay
agus
Uruguaidh
A bharrachd air sin, tha iomadh mhuillean dhe daoine le Spàinntis mar chiad cànan anns na
Stàitean Aonaichte
, seadh ann an coimhearsnachdan Spàinntich traidiseanta air feadh na stàitean a chaill Meagsago ann an cogadh an aghaidh Riaghaltais
Washington
Texas
agus
California
, mar eisimpleir), seadh in-imrich anns na bailtean-mòra.
Suidheachadh Cànanach anns an Spàinn
deasaich
deasaich an tùs
An Spàinne Aon Mòr Saor
Tha an suidheachadh cànanach air atharrachadh gu mòr bho chaochail an
deachdaire
Francisco Franco
ann an 1975. 'Se an aon chànan oifigeil na dùthcha a bh' ann an Spàinntis, is an tìr fa-leth fo bhratach na Spàinntis. Mar a leughadh air gach uile bonn airgid o shean
España:, Una, Grande, Libre
(An Spàinn: Aon, Mòr, Saor). Ach Bhàsaich e agus dh'atharraich an dùthaich gu tùr. Ghlaodh
Bun-Reachd
na Spàinne (1978):
Is e Cànan oifigeil na Stàit a th' ann an Spàinntis Castellanach. Tha dleastanas aig gach uile Spàinnteach a bhith eòlach air agus tha còir aca a bhith ga chleachdadh. Is e cànainean Spàinntich oifigeil anns na Roinnean aca le fèin-ùghdarras a th' ann na cànainean eile cuideachd, a-rèir na Aontaidhean a th' ann. 'S e dìleab chultarail a th' ann am beartas aig an caochlach dòighean labhairt na Spàinne is bidh iad fo mheas agus dìon sònraichte.
A-nis, tha na cànanan roinneil (
Basgais
Catalanais
agus
Gailìsis
a' dol bho neart gu neart, tha stèiseanan telebhisein rim faotainn ann gach fear dhuibh, tha iad gam cleachdadh anns na soighnichean rathaid agus, gu h-àraidh, tha foghlam tro mheadhan na mion-chànain ga sgaoileadh air feadh na roinnean sin. Thathar ag aithneachadh na daoine le dà chànan anns an Spàinn, oir 's e Spàinntis brìghmhor soilleir a th' acasan, leis cho soirbheachail a tha poileasaidhean dà chànanach na dùthcha.
Iomraidhean
deasaich
deasaich an tùs
100 Languages by Population
Real Academia de la Lengua
Real Academia de la Lengua
Bolivia: Decreto Supremo Nº 25894, 11 de septiembre de 2000
”.
Portal Juridico Libre de Bolivia.
Air a thogail 28mh
dhen Lùnasdal 2023.
Constitución del Paraguay de 1992
Constitución del Perú de 1993
Constitución Española de 1978
Smachd ùghdarrais
LCCN
sh85126261
GND
4077640-2
BNF
cb119312813
(data)
NDL
00571703
NKC
ph127867
Air a tharraing à "
Roinnean-seòrsa
Cànain Ròmansach
An Spàinn
Spàinntis
Cuir ris cuspair